Gnàth-shìde na Sgìre

S ann sa Chèitean as tioraime is is grianaiche a tha Toirbheartan, agus as fuaire is as fliche san Fhaoilleach. Faic DUILLEAG AN UISGE airson fiosrachadh a bharrachd.

Air sgàth cho cruachanach s a tha an talamh is cho tric s a tha siostaman bruthaidh ìosal bhon Chuan Siar, tha Taobh Siar na Gàidhealtachd buailteach a bhith nas sgòthaiche is nas fliche na Taobh an Ear na h-Alba is Sasainn. Ach tha iomall a' chosta a' buannachadh, chan ann a-mhàin bho buaidh Sruth a' Chamais, a tha a' cumail na teòdhachd nas blàithe na bu chòir a bhith aig a dhomhan-leud ach cuideachd chan eil uimhir de dh'uisge a' tuiteam is tha barrachd shìde thioram ghrianach ann na tha eadhon corra mhìle a-staigh san dùthaich, far a bheil buaidh nan cnoc ag adhbhrachadh gu bheil an èadhar ag èirigh is an t-uisge a' tuiteam.

Le cuibheas bliadhnail nas lugha na 1,100 uair de dheàrrsadh grèine thar beanntan na Gàidhealtachd s i an roinn as sgòthaiche air tìr-mòr Bhreatainn. Tha figearan meadhanail airson deàrrsadh grèine a' ruighinn àirde sa Chèitean no san Ògmhios agus aig an ìre as ìsle san Dùbhlachd.

Ged a tha làithean geamhraidh goirid, tha làithean fada samhraidh le ciaradh leudaichte a' dèanamh an-àirde airson seo. Air an latha as fhaide chan eil tur dhorchadas ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha mu thrì uairean a thìde a bharrachd de latha ann an Toirbheartan (a' gabhail a-steach ciaradh) aig meadhan an t-samhraidh na th' ann an Lunnainn.

11.20f. meadhan an t-samhraidh 2003

Faodaidh atharrachadh de chòrr air 120 òirleach sa bhliadhna a bhith san uisge thairis air beanntan na Gàidhealtachd (an coimeas ris an uisge air beanntan Lake District Shasainn is Snowdonia sa Chuimrigh)gu nas lugha na leth sin air iomall siar a' chosta.

5 òirlich uisge ann an 24 uairean ann an 2002

S ann bhon iar-dheas as cumanta a' ghaoth ann an Alba, ach bidh àirde na gaoithe tric ag atharrachadh bho latha gu latha ri linn siostaman aimsire. San fharsaingeachd, tha astar na gaoithe ag àrdachadh le àirde le na gaothan as làidire air mullaich nan cnoc is nam beann. Seach gu bheil prìomh ìsleachaidhean a' Chuain Shiair a' tighinn faisg no thairis air Alba, tha bitheantachd ghaothan làidire is ghèiltean nas àirde na ann an àite sam bith eile den Rìoghachd Aonaichte. Air talamh ìosal tha 30 latha de ghèiltean sa bhliadhna ann an cuid de dh'àitean air an taobh siar.

San fharsaingeachd, s e am Faoilleach is an Gearran na mìosan as fhuaire. Tha na teòdhachdan as àirde tron latha air talamh ìosal sa Ghàidhealtachd san Fhaoilleach is sa Ghearran mu 5 gu 7 °C, ach corra uair air taobh an fhasgaidh air talamh àrd ruigidh teòdhachdan 15°C nuair a bhlàthaicheas sruth èadhair tais bho dheas non iar-dheas an dèidh a dhol thar nam beann, rud ris an canar föhn ri linn s mar a tha e ag obrachadh sna h-Alps. Tha na teòdhachdan as ìsle a-staigh san dùthaich, air falbh bho bhuaidh chuibheasach na mara, ann an glinn far a bheil an èadhar fhuar a' sìoladh, ach mar as àirde a dhìreas neach a-steach don dùthaich, tha an teòdhachd a' tuiteam.

S ann ainneamh a laigheas sneachd aig ìre mara ron t-Samhain no an dèidh a' Ghiblein, agus tha seo tearc air a' chosta nas lugha na 10 latha sa bhliadhna. Ach thar nam beann bidh sneachd a' laighe mar as trice airson 50 latha sa bhliadhna.Gu fortanach, chan eil duilgheadasan le rathaidean dùinte cumanta air talamh ìosal ach tha buaidh aig sneachd air cuid de rathaidean àrda ann an Alba gach bliadhna faodaidh seo buaidh a thoirt air slighe a' chosta shiar bho Toirbheartan gu Inbhir Nis.

Air na mullaichean as àirde, leithid An Liaghaich, tha còmhdach sneachda orra mu chòig mìosan sa bhliadhna mar as trice.

(Figearan Oifis na Sìde)

Back