Na Fir Chlis

‘S e iongantas nàdarra a th' anns na Fir Chlis (ris an canar cuideachd the Northern Lights sa Bheurla), a bhios san adhar dhorch air an oidhche san Rìoghachd Aonaichte nas trice na thathas a' smaoineachadh.

‘S e taisbeanadh solais an adhair fhèin a th' ann. Tha iad cho mòr ‘s gun toir iad tric leotha an adhar gu lèir aig tuath. ‘S e moileciuilean gasa (ogsaidean is naitrigean) fo spionnadh mhìrean dealain sgaoilte ann am fànais le brùchdaidhean lùtha bhon ghrèin, bho àm gu àm, a th' anns na taisbeanaidhean sin.

‘S ann aig domhan-leud nas àirde na 65 puingean tuath as tric a chithear fir chlis. Ann an Alba ‘s e seo na h-àiteachan as fhaide tuath a thuilleadh air Arcaibh is Sealtainn. Chan urrainn fàisneachd a dhèanamh air taisbeanaidhean fir chlis, ach tha iad a' nochdadh ann an cuairtean, tric a' ruighinn bàrr a h-uile 11 bliadhna no mar sin, agus ‘s ann ainneamh a chithear iad ann am mìosan an t-samhraidh.

Eadhon ged nach fhaicear ach corra ghath, ruigidh iad àirde mhòr san adhar. Uaireannan bidh na gathan mòra uaine is dearg le ocsaidean aig na diofar àirdean san àile no ‘s dòcha gorm naitrigein, air chrith san t-soilleireachd mar gum biodh iad crochte ann am bogha pasgach mar chùirtearan mòra san adhar. Bheir solas na gealaich, smùid reothaidh is diofar atharrachaidhean ràitheil buadh air na bun-dhathan sin.

Bidh taisbeanaidhean fir chlis a' nochdadh cruthan eile. Tha iad sin a' gabhail a-steach:

•  Boghan ioma-sheòrsach ; uaireannan bogha dùbailte, fìor chorra uair fear trìpilte

•  Boghan pasgach : uaireannan nathrachail, uaireannan mar chrudha-eich mòr

•  Brèideach: brèidean luaisgeanach solais mar sgòthan beaga a' dol air is dheth

•  Sròlach no lasrach :buinn chuilbh a' lasradh gu soilleir is a' gluasad gu luath air fiaradh

•  Boillsgeach ; bannan ruidheamach sholas a' gluasad suas bho fàire mar eas steallaireach a' dol an taobh ceàrr. Bidh seo a' nochdadh aig crìoch taisbeanaidh mar as trice.

back