Àiteachan rin Tadhal

A thuilleadh air mìorbhailean nàdarra, tha cuideachd iomadh àite inntinneach ri thadhal ma tha thu a' fuireach ann an Toirbheartan. Tha liosta gu h-ìosal de chuid a dh'fhaodadh a bhith inntinneach –iad uile air an taobh siar, is gun gin dhiubh barrachd air 90 mionaid sa chàr. (chan eil tòrr ann an 90 mionaid sa Ghàidhealtachd – agus tha an turas fhèin tlachdmhor!)

A' CHOMRAICH

(turas 40 mion.- 90 mion. Air an t-slighe chearcallach)

‘S i an t-slighe chearcallach gun Chomraich bho Sìldeag aon de na slighean –càir as brèagha san Roinn Eòrpa. Tha an rathad ag èirigh 2,300 troigh bho ìre na mara ann an corra mhìle (am bealach as àirde am Breatainn)le seallaidhean àlainn thairis air a' Chuan Sgìth gun Eilean Sgitheanach, agus tràighean brèagha falamh. Mar sin, ged nach eil e ach 40 mìle air falbh, gabh beagan ùine a bharrachd agus feuch ris an turas a dhèanamh nuair a tha an t-sìde soilleir air neo bidh thu sna sgòthan (faic gu h-ìosal cho dorch ‘s a dh'fhaodas e a bhith!)

Tha an taigh-seinne sa Chomraich glè chàirdeil le deagh bhiadh-mara is bùird a-muigh ri taobh na mara. “'S e cafaidh am Potting Shed (làrach-lìn an seo) aon de dhìomhaireachdan cidsineach Bhreatainn.”

 

Bealach nam Bò

Chan eil e freagarrach dha carabhan no dha càr gun dheagh bhreicean.

 

AM PLOC (45 mion. sa char)

 

‘S e baile brèagha glèidhteachais an Urrais Nàiseanta a th' anns a' Phloc, mu 25 mìle deas air Sìldeag, taobh drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Le deagh thaghadh de bhùithtean ciùird, ghailearaidhean, phubaichean is an cafaidh àlainn, ‘Off the Rails' a th' air àrd-chabhsair na rèile, tha seo na cheann-uidhe tlachdmhor airson saor-làithean foiseil is tursan latha. B' e am baile seo a bh' anns an t-sreath telebhisein, ‘Hamish Macbeth'.

 

 

CAISTEAL EILEAN DONAINN 50 mion. sa chàr)

An caisteal as motha dhe bheilear a' togail dhealbh air Ghàidhealtachd, tha ionad luchd-turais, cafaidh, bùth ghibhtean, inntrigeadh dhan chaisteal is taisbeanaidhean ann bho 1 Giblean gu 31 Dàmhair. Faodaidh e a bhith gu math trang aig deireadh sheachdainean san Iuchar, ach is math as fhiach e tadhal air.

Tha caisteal air a bhith air an làraich airson còrr is 800 bliadhna le pailteas de shabaidean cinnidh a thuilleadh air a bhith aig meadhan ar-a-mach nan Seumasach tràth san18mh linn.

 

GLEANN EILG (turas-càir 80 mìle)

Deas air Caisteal Eilein Donainn, ‘s e leth-eilean Ghleann Eilg an t-àite croitearachd iomallach a tha a' nochdadh ann an nobhail Gavin Maxwell, Ring of Bright Water. Tha baile Ghleann Eilg suidhichte air bàgh clachach air Caolas Shlèite. Sreath de thaighean gealaichte le craobhan mun cuairt orra, tha tobhtaichean sgaoilte Dhùn Bheàrnaraigh, gearastan dha feachdan Sasannach san ochdamh linn deug, ag iadhadh a' bhaile.

Tha Taigh-òsta Ghleann Eilg na àite mìorbhaileach aig ceann rathaid a tha cho iomallach, is biadh ga fhrithealadh fad an latha is deagh chothrom air ceòl beò bho luchd-ciùil sam bith a dh'fhaodas a bhith sa phuba.

 

TEARMANN NÀDAIR BEINN EIGHE (20 mion. sa chàr)

‘S e tearmann nàdair Bheinn Eighe as motha ann am Breatainn, a' còmhdach 10,000 acaire, agus le grunn chnuic mhòra – Beinn Eighe fhèin, Sgurr Bàn is Ruadh-stac Mòr is An t- Sàil Mhòr – tha an dà stùc mu dheireadh air gach taobh de Choire Mhic Fhearchair le a loch is àite-dìridh cliùiteach, Far-bhalla Tripleach .???

Tha Ionad an Luchd-turais (fosgailte bhon Chàisg gun Dàmhair) le àite picnic, àite-seallaidh, clàran mìneachail, làrach campachaidh, slighean coille is beinne, air rathad Ceann Loch Iùbh-Geàrrloch.

GEÀRRLOCH & LOCH MA RUIBHE

Tha an turas suas gu Geàrrloch gad thoirt fad Loch Ma Ruibhe le a chnuic mhòra is uisgeachan domhainn. Ann An Geàrrloch, tuineachadh an ìre mhath mòr le bùithtean, deagh thaigh-seinnse le biadh is banca, bidh tursan-iasgaich a' falbh bhon chidhe gach latha san t-seasan. Bidh cuideachd tursan muir-bheatha a' dol a-mach air an loch a choimhead airson phèileagan, ròin, leumadairean-mara is eòin-mara.

Tha Taigh-tasgaidh Dualchais Gheàrrloch ann an tuathanas leasaichte is tha mòran thaisbeanaidhean iongantach ann.

Tuath air Geàrrloch tha Gàrraidhean Inbhir Iùbh – tric ainmichte mar aon de na luibheanachdan as brèagha ann am Breatainn. Fosgailte fad na bliadhna.

 

ULAPUL(90 mion. sa chàr)

 

Tha Ulapul suidhichte air cladaichean Loch Bhraoin. ‘S e baile trang a th' ann le mòr-bhùthan, taighean-bidhe, bùithtean, cafaidhean, taighean-seinnse, fèisdeas beò, Taigh-tasgaidh is Leabharlann, iasgach-mara, iasgach-locha, sealg fhiadh, fastadh chàraichean & bhaidhsagalan, bàt'-aiseig gu Steòrnabhagh agus tursan bàta.

‘S e fìor dheagh àite a th' ann an Ulapul bhom faodar a dhol gu Innse Gall.

 

 

AN T-EILEAN SGITHEANACH (45 mion sa chàr dhan drochaid)

 

Tha an drochaid dhan Eilean Sgitheanach, dìreach 45 mionaidean bho Toirbheartan, a-nise saor bho chìsean – air an Eilean tha a' Chuiltheann na ceann-uidhe cumanta, mar a tha baile Phort Rìgh (uair a thìde eile bhon drochaid). ‘S e port eile bhom faodar a dhol gu Innse Gall, a th' ann an Ùige (air an taobh siar).