Pròiseact Bric Mhara Shìldeig

Dh'èirich Pròiseact Bric Mhara Shìldeig a-mach à uallach mu stuic ìsleachaidh bhric mara is àireamh bhradan air Taobh Siar na Gàidhealtachd is ann an Innse Gall. Tha ìsleachadh mòr air a thighinn air àireamhan iasgairean-slaite a tha a' tadhal, le builean cruaidh dha mòran cheàrnaidhean dùthchail.

Thathas ag amas air lorg carson a tha àireamh nam breac-mara air crìonadh agus air dòighean fhaighinn gus an toirt air ais gum pailteas cleachdail. Tha Pròiseact Bric Mara Shìldeig a' tabhann, airson a' chiad uair, ann an abhainn ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd, fiosrachadh tèarainte mu àireamh bhric mara le bhith a' sgrùdadh stuic a' dol tro ribe dà-thaobhach faisg air inbhir Shìldeig.

Ann an eaco-shiostaman uisgeach cugallach na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha bric mhara cudromach mar shealgairean is chreach. Tha iad cuideachd nam pàirt de dhualchas nàdarra na h-Alba agus tha dleastanas ann an dìon airson nan ginealaichean ri teachd. Bheireadh iasgach shoirbheachail bhreac-mara leasachadh seasmhach tro thurasachd iasgach-slaite agus chruthaicheadh e cosnadh ann an àitean iomallach dùthchail.

Tha iomadh adhbhar ann a dh'fhaodadh a thabhann airson a' chrìonaidh, a' toirt a-steach atharrachadh gnàth-shìde is truailleadh uisgeachan tro obair dhaoine. Ach thàinig an fhìor chrìonadh aig àm nuair a dh'àrdaich àireamh mialan mara ann an uisgeachan oirthireach. ‘S ann air bradain tuathanachais is trice a lorgar mialan-mara ged a thathas a' dèanamh oidhirpean leantainneach airson smachd fhaighinn orra. Tha tuathanachas-uisge bhradan na ghnìomhachas cudromach eile air Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan.

O chionn ghoirid, fhuair a' phròiseact tuigse leasaichte mu ìre is sgaoileadh inbhean gabhaltach mhialan mara a fhuaireas aig beòil aibhnichean ionadail. An dèidh farsaingeachd de leigheasan nas èifeachdaiche air tuathanasan èisg san nàbachd, tha a' phròiseact a' sgrùdadh atharrachaidhean sam bith ann an ìrean larbha nam mialan-mara ris a' chladach is ann an inbhe mhialan bric mhara an dèidh fàs.

Sa Ghiblean 2000, chaidh Ionad Luchd-turais fhosgladh faisg air baile Shìldeig. Tha an t-Ionad a' toirt cunntas air eachdraidh-beatha bhreac mara agus air an ìsleachadh àireamhan air taobh siar na h-Alba. A thuilleadh air sin, tha na clàran taisbeanaidh a' mìneachadh nàdar Pròiseact Bhric Mara Shìldeig agus an obair shaidheansail a rinnear airson bric mhara a sgrùdadh is airson feuchainn ri dòighean fhaighinn gus an àireamhan àrdachadh a-rithist. Tha taisbeanaidhean eadar-obrachail ann cuideachd dha clann òga airson cearcall-beatha nam breac mara, an sealgairean is an creach ionnsachadh dhaibh tro shreath gheamannan.

Tha Ionad Luchd-turais Bric Mara Shìldeig mu mhìle bho bhaile Shìldeig. Tha an t-slighe a-steach air a comharrachadh air an fho-rathad gun Chomraich mu 100m bho chomar rathad Shìldeig/Loch Carrann. Tha pàirceadh luchd-turais air beulaibh an Ionaid. Uairean fosglaidh: 9.30 - 16.30 Diluain-Dihaoine. Uairean eile le òrdachadh.

 

Back